| Chapter 14 |
1 |
A nis bha feill na casga `s an arain neo-ghoirtichte an ceann da latha: is bha na h-ard-shagairt,`s na Sgriobhaich a sireadh ciamar a ghlacadh iad e le foill, sa mharbhadh iad e. --
|
2 |
Ach thuirt iad: Chan ann air latha na feille, eagal buaireas eirigh ma dh` fhaoidte am measg an t-sluaigh. --
|
3 |
`S nuair a bha e ann am Bethania an tigh Shimoin an lobhar, `sa bha e aig biadh, thainig boirionnach aig an robh bocsa alabastair de dh` ola phriseil spicnaird, `sa bristeadh a bhocsa alabastair, thaom i air a cheann i. --
|
4 |
A nis bha cuid a bha diumbach unnta fhein, ag radh : Carson a rinneadh am milleadh so air an ola? --
|
5 |
Oir dh` fhaoidte an ola so reic air son corr is tri fichead sgilinn, `s an toirt do na bochdan. Agus rinn iad monmhur `na h-aghaidh. --
|
6 |
Ach thuirt Iosa: Leigibh leatha, carson tha sibh a cur dragh oirre? Rinn i deagh ghniomh ormsa. --
|
7 |
Oir tha na bochdan daonnan agaibh; is faodaidh sibh math a dhianamh dhaibh, nuair a thoilicheas sibh: ach cha bhith mise daonnan agaibh. --
|
8 |
Rinn i na b`urrainn dhi: thainig i ro-laimh a dh` ungadh mo chuirp air son an adhlaic. --
|
9 |
Gu firinneach tha mi gradh ribh :ge b` e aite an teid an soisgeul so a shearmonachadh feadh an t-saoghail uile, gun innsear na rinn i mar chuimhneachan oirre. --
|
10 |
Is dh` fhalbh Iudas Iscariot, fear de na dha dhiag, a dh` ionnsuidh nan ard-shagart, gus a bhrath dhaibh. --
|
11 |
Air dhaibhsan so a chluinntinn, rinn iad toileachadh; agus gheall iad airgiod a thoirt dha. Is bha esan a siredh ciamar gheibheadh e cothrom air a bhrath. --
|
12 |
`S air a chiad latha den aran neo-ghoirtichte, nuair bha iad ag iobradh na casga, thuirt a dheisciopuil ris: Caite an aill leat sinn a dhol, los gun deasaich sinn dhut, `s gun ith thu a chaisg? --
|
13 |
Agus chuir e dithis dhe dheisciopuil, agus thuirt e riutha: Rachaibh a stigh don bhaile is tachraidh duine oirbh a giulan saghach uisge, leanaibh e; --
|
14 |
Agus ge b` e aite an teid e stigh, abraibh ri fear an tighe gu bheil am maighistir ag radh: Caite a bheil mo sheomar-bidh, far an ith mi a chaisg comhla rim dheisciopuil? --
|
15 |
Agus fiachaidh e dhuibh seomar-bidh farsuinn lan-uidheamaichte; deasaichibh an sin dhuinn. --
|
16 |
Is dh` fhalbh a dheisciopuil, agus thainig iad dhan bhaile, agus fhuair iad mar a thuirt e riutha, agus dheasaich iad a chaisg. --
|
17 |
Agus na thainig am feasgar, rainig e leis na dha dhiag. --
|
18 |
Agus nuair a bha iad nan suidhe aig a bhord, `s ag ithe, thuirt Iosa: Gu firinneach tha mi ag radh ribh, gum brath fear agaibh, a th` ag ithe maille rium, mi. --
|
19 |
Agus thoisich iadsan ri bhith muladach, `s gach aon ri radh mu seach ris: Am mise e? --
|
20 |
Is thuirt e riutha: Se am fear den da fhear dhiag a tha tumadh a laimh comhla rium sa mheis. --
|
21 |
`S gu deimhinn tha Mac an duine a falbh, mar a tha e sgriobhte mu dheidhinnn: ach mo thruaighe an duine sin leis am brathar Mac an duine: bu mhath dhan duine sin nach do rugadh riamh e. --
|
22 |
`S nuair a bha iad ag ithe, ghlac Iosa aran; `s ga bheannachadh, bhrist e , agus thug e dhaibh e, is thuirt e: Gabhaibh, se so mo chorpsa. --
|
23 |
Agus ghlac e chailis, `sa toirt taing thug e dhaibh i; is dh` ol iad uile dhi. --
|
24 |
Is thuirt e riutha: Si so m` fhuil-sa an tiomnaidh nuaidh a dhoirtear air son morain. --
|
25 |
Gu deimhinn tha mi ag radh ribh, nach ol mi a so suas de thoradh na fionain, gus an latha sin air an ol mi ur e ann an rioghachd Dhe. --
|
26 |
`S nuair a sheinn iad laoidh, chaidh iad a mach gu sliabh Olibheit. --
|
27 |
Is thuirt Iosa riutha: Gabhaidh sibh uile sgainneal asam-sa air an oidhche nochd oir tha e sgriobhte: Buailidh mi am buachaille is sgapar na caoraich. --
|
28 |
Ach an deigh m` aiseirigh gabhaidh mi roimhibh do Ghalile. --
|
29 |
Ach thuirt Peadar ris: Ged ghabhadh iad uile sgainneal asad, cha ghabh mise. --
|
30 |
Agus thuirt Iosa ris: Gu deimhinn tha mi ag radh riut, an diugh fhein air an oidhche nochd, mun goir an coileach da uair, gun aicheadh thu mi tri uairean. --
|
31 |
Ach `sann an sin bu dana a labhair e: Ged b` fheudar dhomh am bas fhulang maille riut, chan aicheadh mi thu. Agus an ni ciadna thuirt iad uile. --
|
32 |
Agus thainig iad gu fearann ris an canar Gethsemani. Is thuirt e ri dheisciopuil: Suidhibh an so gus an dian mi urnaigh. --
|
33 |
Agus thug e leis Peadar, is Seumas, is Eoin; agus bha e fo amhghar agus fo imcheist ro-mhor. --
|
34 |
Is thuirt e riutha: Tha m` anam bronach gu ruig am bas : fanaibh an so, is dianaibh faire. --
|
35 |
`Sa dol ceum air adhart, thuit e air an talamh; is ghuidh e, nam faodadh e bhith, gun rachadh an uair seachad air: --
|
36 |
Is thuirt e: Abba Athair, tha a h-uile ni nad chomas, cuir a chailis so seachad orm, ach chan e nas aill leamsa, ach nas aill leatsa. --
|
37 |
Agus thainig e, `is fhuair e iad `nan cadal. Is thuirt e ri Peadar: A Shimoin, a bheil thu nad chadal? nach burrainn dhut aon uair a chaithris? --
|
38 |
Dianaibh faire agus urnaigh, chum nach tuit sibh ann am buaireadh. Tha an spiorad gu dearbh deonach, ach than fheoil lag. --
|
39 |
`Sa falbh a rithist rinn e urnaigh, a cantuinn nam briathran ciadna. --
|
40 |
`Sa tilleadh, fhuair e rithist iad `nan cadal (oir bha an suilean trom), agus cha robh fios aca de a chanadh iad ris. --
|
41 |
Agus thainig e an treas uair, is thuirt e riutha: Caidlibh a nis, agus gabhaibh fois. Foghnaidh sin: th` an uair air tighinn : seall, liubhrar Mac an duine do lamhan pheacach. --
|
42 |
Eiribh, falbhamaid, seall, tha esan a bhrathas mi faisg. --
|
43 |
Bha e fhathast a labhairt, nuair thainig Iudas Iscariot fear de na dha dhiag, agus moran sluaigh comhla ris le claidhean, `s le bataichean, bho na h-ard-shagairt, agus na Sgriobhaich, `s na seanairean. --
|
44 |
Agus bh` am brathadair air comharradh a thoirt dhaibh, ag radh: Ge b` e neach dhan toir mise pog, se sin e, beiribh air, agus thugaibh leibh e gu curamach. --
|
45 |
`S nuair a rainig e, ghrad-chaidh e ga ionnsuidh, is thuirt e: Failt ort, a Mhaighistir; agus phog e e. --
|
46 |
Agus chuir iadsan an lamhan air, agus chum iad e. --
|
47 |
Ach tharruinn aon den fheadhainn a bha san lathair a chlaidheamh, agus bhuail e seirbhiseach an ard-shagairt, agus ghearr e chluas dheth. --
|
48 |
Agus Iosa a freagairt, thuirt e riutha: An tainig sibh a mach le claidhean `s le bataichean gu mise ghlacadh, mar gum bu mheirleach mi? --
|
49 |
Bha mi a teagasg san teampull comhla ribh a h-uile latha, agus cha do ghlac sibh mi. Ach `sann gus na sgriobturan a choimhlionadh a tha so. --
|
50 |
An sin a dheisciopuil ga threigsnin, theich iad uile. --
|
51 |
Ach lean duin` og araid e air eideadh le lion-anart thairis air a choluinn ruisgte; agus rinn iad greim air. --
|
52 |
Ach esan a tilgeadh dheth an lion-anairt, theich e bhuapa ruisgte. --
|
53 |
Is thug iad leo Iosa, thun an ard-shagairt; agus chruinnich na sagairt uile, agus na Sgriobhaich, agus na seanairean. --
|
54 |
Agus lean Peadar e fad as, gu ruig cuirt an ard-shagairt; `s bha e `na shuidhe maille ris na seirbhisich aig an teine, agus ga gharadh fhein. --
|
55 |
Agus dh` iarr na h-ard-shagairt, `sa chomhairle uile, fianais an aghaidh Iosa, gus a chuir gu bas, agus cha d`fhuair iad sin. --
|
56 |
Oir bha moran a toirt fianuise-breige `na aghaidh: ach cha robh an teisteanas a cordadh. --
|
57 |
Agus bha cuid a dh` eirich suas, `sa thog fianuis-bhreige na aghaidh, ag radh: --
|
58 |
Chuala sinn e ag radh: Leagaidh mi an teampull so a rinneadh le lamhan, agus an tri latha togaidh mi fear eile nach d` rinneadh le lamhan. --
|
59 |
Is cha robh an teisteanas acasan a cordadh. --
|
60 |
Agus an t-ard-shagart ag eirigh nam miadhon, cheasnaich e Iosa, ag radh: Nach toir thu freagairt sam bith air na nithean a tha iad so a cur as do leth? --
|
61 |
Ach dh` fhan esan na thosd, agus cha tuirt e guth. Agus dh` fharraid an t-ard-shagart dheth rithist, is thuirt e ris: An tu an Chiosda, Mac an De bheannaichte? --
|
62 |
Is thuirt Iosa ris: Is mi; agus chi sibh Mac an duine `na shuidhe air deas laimh cumhachd Dhe, `sa tighinn air neoil nan speur. --
|
63 |
An sin an t-ard-shagart a stracadh `eididh, thuirt e: Ciod am feum thagainn tuilleadh air fianuisean? --
|
64 |
Chuala sibh am blaisbheum: De ur barail? Dhit iad uile e mar fhear toillteanach air bas. --
|
65 |
Agus theann cuid ri caitheamh smugaidean air, `s ri comhdach `aodainn, `s ri bualadh dhorn air, `s ri radh ris: Faisnich; agus bhuail na seirbhisich lem basan e. --
|
66 |
`S nuair a bha Peadair gu h-iosal anns a chuirt, thainig te de shearbhantan an ard-shagairt; --
|
67 |
`S nuair a chunnaic i Peadar ga gharadh fhein, a gabhail beachd air, thuirt i: Bha thusa cuideachd comhla ri Iosa bho Nasareth. --
|
68 |
Ach dh`aicheadh esan, ag radh: Chan aithne dhomh agus cha mhua tha mi tuigsinn ciod tha thu ag radh. Agus dh`fhalbh e mach gu bialaobh na cuirte, agus ghoir an coiloach. --
|
69 |
Agus a rithist nuair chunnaic searbhanta e, thoisich i ri innse don fheadhainn a bha nan seasamh mun cuairt: `Sann dhiu am fear so. --
|
70 |
Is dh` aicheadh esan a rithist. Agus an ceann tacain, thuirt iadsan a bha san lathair a rithist ri Peadar: Sann dhiu thu gu cinnteach: oir is Galileach thu. --
|
71 |
Ach thoisich esan ri mollachadh `s ri mionnachadh: Chan aithne dhomh an duine so mu bheil sibh a labhairt. --
|
72 |
Agus anns a cheart uair ghoir an coileach a rithist. Is chuimhnich Peadar air an fhacal, a thuirt Iosa ris: Mun goir an coileach da uair, aicheadhaidh thu mi tri uairean. Agus thoisich e air gal. --
|