| Chapter 13 |
1 |
`S nuair a bha e dol a mach as an teampull thuirt fear dhe dheisciopuil ris: A Mhaighistir, seall! nach breagha na clachan agus na togalaichean seo. --
|
2 |
Is fhreagair Iosa, is thuirt e ris: Bheil thu faicinn na togalaichean mora seo uile? Chan fhagar clach air muin cloiche nach tilgear sios. --
|
3 |
`S nuair a bha e `na shuidhe air sliabh Olibheit, mu choinneamh an teampuill, chuir Peadar is Seumas, is Anndra ceisd air, is iad leo fhein comhla ris: --
|
4 |
Innis dhuinn cuin a thachras na nithean sin? agus de an comharradh a bhios ann, nuair a thoisicheas na nithean sin uile rin coimhlionadh? --
|
5 |
Is Iosa freagairt thoisich e ri radh riutha: Seallaibh nach meall duine sam bith sibh --
|
6 |
Oir thig moran nam ainm-se, ag radh: Is mise e; agus meallaidh iad moran. --
|
7 |
Agus nuair a chluinneas sibh mu chogaidhean, agus sgialan mu chogaidhean, na gabhaibh eagal: oir s`fheudar do na nithean sin tachairt: ach chan eil a chrioch ann fhathast. --
|
8 |
Oir eiridh cinneadh an aghaidh cinnidh, agus rioghachd an aghaidh rioghachd, is bithidh crithean-talmhuinn an siod `s a so, agus gorta. `Siad sin toiseachd nan amhghar. --
|
9 |
Ach seallaibhse ribh fhein. Oir liubhraidh iad seachad sibh do chomhairlean, agus sgiursar sibh sna sinagogan, agus seasaidh sibh air bialaobh uachdarain is righrean as mo lethse, mar fhianais dhaibhsan. --
|
10 |
Is feumar an soisgeul a theagasg an toiseach am measg nan cinneach uile. --
|
11 |
Agus nuair a bhios iad gur tarruinn leo, `s gur liubhairt seachad, na smaoinichibh air ciod a their sibh; ach an ni bheirear dhuibh san uair sin fhein, labhraibh, oir cha sibhse a tha labhairt, ach an Spiorad Naomh. --
|
12 |
Agus liubhraidh brathair brathair gu bas, agus an t-athair am mac; is eiridh clann an aghaidh am parantan, agus cuiridh iad gu bas iad. --
|
13 |
Agus bithidh fuath aig daoine uile oirbh as leth m`ainmse. Ach is esan a sheasas buan thun na criche a bhios sabhailte. --
|
14 |
Agus nuair a chi sibh grainealachd an leirsgrios `na seasamh far nach bu choir dhi, am fear a leughas tuigeadh e: an sin teicheadh iadsan a tha ann an Iudea thun nam beann. --
|
15 |
`S am fear a tha air mullach an tighe, na tearnadh e don tigh, `s na rachadh e stigh gu dad a thogail leis as a thigh; --
|
16 |
`S am fear a bhitheas san achadh, na tilleadh e air ais gus `aodach a thoirt leis. --
|
17 |
Ach mo thruaighe iadsan a tha lethtromach `sa toirt ciche sna laithean sin. --
|
18 |
Ach guidhibh nach tachair iad so sa gheamhradh. --
|
19 |
Oir anns na laithean sin bithidh amghairean ann nach robh an leithid ann bho thus a chruthachaidh, a rinn Dia, gu so, `s nach bi. --
|
20 |
Agus mur a giorraicheadh an Tighearna na laithean sin, cha bhiodh duine sam bith tiaruinte: ach air son nan daoine taghte, a thagh e, giorraichidh e na laithean sin. --
|
21 |
Agus an sin ma their neach sam bith ribh: Seall, tha Criosda an so, seall, tha e sin, na creidibh e. --
|
22 |
Oir eiridh criosdan breige, agus faidhean-breige, is ni iad comharran agus beartan iongantach, gus, nam faodadh e bhith, mhealladh iad na daoine taghte fhein. --
|
23 |
Thugaibhse mata an aire: seall, dh` innis mi dhuibh gach ni ro-laimh. --
|
24 |
Ach anns na laithean sin an deigh na trioblaide sin, thig dorchadas air a ghrein, `s cha toir a ghealach a solus. --
|
25 |
Agus bithidh reultan neamh a tuiteam, agus gluaisear na cumhachdan a tha sna flathais. --
|
26 |
Agus an sin chi iad Mac an duine sna neoil le cumhachd mhoir agus le gloir. --
|
27 |
An sin cuiridh e ainglean a mach, is crunnichidh e a dhaoine taghte bho na ceithir gaoithean bho iomall an talmhuinn gu iomall neamh. --
|
28 |
A nis ionnnsuichibh dubhfhacal bhon chraoibh-fhige. Nuair a bhios a miar a nis maoth, `sa chinneas an duilleach, tha fios agaibh gu bheil an samhradh gle fhaisg: --
|
29 |
Mar an ciadna sibhse, nuair a chi sibh na nithean so a tachairt, tuigibh gu bheil e gle dhluth, seadh aig na dorsan. --
|
30 |
Gu firinneach tha mi ag radh ribh nach teid an ginealach so seachad, gus an tachair so uile. --
|
31 |
Theid neamh agus talamh seachad, ach cha teid m` fhacalsa seachad. --
|
32 |
Ach air an latha no air an uair sin chan eil fios aig duine sam bith, no aig na h-ainglean air neamh, no aig a Mhac, ach aig an Athair. --
|
33 |
Thugaibh an aire, dianaibh faire agus urnaigh: Oir chan eil fhios agaibh cuin a bhios an t-am. --
|
34 |
Tha e ri choltachadh ri duine a dol fad air astar a dh` fhag a thigh, `sa thug cumhachd dha sheirbhisich thairis air gach obair, `sa dh` aithn` air an dorsair faire a dhianamh. --
|
35 |
Dianaibhse faire mata, (chionn `s nach eil fhios agaibh cuin a thig maighistir an tighe: co dhiu sann anmoch, no mu mhiadhon oidhche, no mu ghairm a choilich, no sa mhaduinn), --
|
36 |
Eagal gun tig e gu h-obann, `s gum faigh e sibh nur cadal. --
|
37 |
Agus na tha mi cantuinn ribhse, tha mi cantuinn ri daoine uile: Dianaibh faire. --
|