| Chapter 1 |
1 |
T oiseachd soisgeul Iosa Criosda, Mac Dhe. --
|
2 |
Air reir `s mar tha e sgriobhte san fhaidh Isaias: seall, cuiridh mi m` aingeal roimh do ghnuis, a reiticheas do shlighe romhad. --
|
3 |
Guth neach ag eigheach san fhasach: Reitichibh slighe an Tighearna, agus dianaibh a rathadain direach. --
|
4 |
Bha Eoin anns an fhasach a baisteadh, `sa searmonachadh baisteadh an aithreachais gu mathanas pheacannan. --
|
5 |
Agus chaidh duthaich Iudea uile mach ga ionnsuidh, agus muinntir Ierusalem gu leir, is bhaisteadh iad leis ann an abhuinn Iordain ag aideachadh am peacannan. --
|
6 |
Agus bha Eoin air eideadh le fionnadh chamhal, is crios leathair mu mheadhon; agus dh` ith e locuist is mil fhiadhaich. Agus shearmonaich e ag radh: --
|
7 |
Tha fear nas cumhachdaiche na mise tighinn as mo dheigh: neach nach airidh mise air cromadh sios is barail a bhrogan fhuasgladh. --
|
8 |
Bhaist mise sibh le uisge; ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh. --
|
9 |
Is thachair, gun tainig Iosa anns na laithean sin bho Nasareth Ghalile; agus bhaisteadh e le Eoin ann an abhuinn Iordan. --
|
10 |
`S air ball a direadh as an uisge, chunnaic e neamh fosgailte, `s an Spiorad mar chalman a tearnadh `sa fantuinn air. --
|
11 |
Agus thainig guth bho neamh : Is tusa mo Mhac gaolach, is mor mo thlachd dhiot. --
|
12 |
Agus ghrad-ghreas an Spiorad e dhan fhasach. --
|
13 |
Agus bha e san fhasach da-fhichead latha, agus da-fhichead oidhche; is bhuaireadh le Satan e; `s bha e comhla ris na h-ainmhidhean, agus bha na h-ainglean a frithealadh dha. --
|
14 |
`S an deigh do dh` Eoin a bhith air a chuir an greim, thainig Iosa do Ghalile, a searmonachadh soisgeul rioghachd Dhe, --
|
15 |
`S ag radh: Tha `n t-am air a choimhlionadh, `s tha rioghachd Dhe aig laimh; deanaibh aithreachas, agus creidibh san t-soisgeul. --
|
16 |
`Sa gabhail ri taobh muir Ghalile, chunnaic e Simon,agus Anndra a bhrathair, a cur lion sa mhuir (oir b` iasgairean iad.), --
|
17 |
Agus thuirt Iosa riutha: Thigibh leanaibh mise, agus ni mi iasgairean dhaoine dhibh. --
|
18 |
Agus ghrad dh` fhag iad na lin, is lean iad e. --
|
19 |
`Sa gabhail as a sin ceum beag air adhart, chunnaic e Seumas mac Shebede agus Eoin a bhrathair, `s iad a caradh nan lion sa bhata: --
|
20 |
Agus ghairm e iad san uair. `Sa fagail an athar Sebede maille ris an luchd thuarasdail sa bhata, lean iad e. --
|
21 |
Agus chaidh iad a stigh do Chapharnaum; agus air dha a dhol a stigh gun dail air na laithean sabaid dhan t-sinagog, theagaisg e iad. --
|
22 |
Agus ghabh iad ioghnadh ri theagasg: oir bha e gan teagasg mar neach aig an robh cumhachd, `s chan ann mar na Sgriobhaich. --
|
23 |
Agus bha san t-sinagag aca duine anns an robh spiorad neoghlan, is dh` eigh e --
|
24 |
Ag radh: Ciod an comunn eadar sinn agus thusa, Iosa bho Nasareth? An tainig thu gus ar sgrios? Is aithne dhomh co thu, Aon Naomh Dhe. --
|
25 |
Is mhaoith Iosa air, ag radh: Bi samhach, agus gabh a-mach as an duine. --
|
26 |
`S an spiorad neoghlan ga reubadh, `s ag eigheach le guth ard, chaidh e mach as. --
|
27 |
Agus ghabh iad uile ioghnadh, ionnus gun d` fharraid iad `nam measg fhein, ag radh: De tha so? De an teagasg ur so? oir tha e toirt orduigh le cumhachd do na spioraid neoghlan fhein, agus tha iad umhail dha. --
|
28 |
`Agus sgaoil iomradh air gun dail feadh duthaich Ghalile uile. --
|
29 |
`Sa dol a mach air ball as an t-sinagog, thainig iad maille ri Seumas is Eoin gu tigh Shimoin is Anndra. --
|
30 |
Agus bha mathair-cheile Shimoin `na laidhe ann am fiabhras; agus dh `innis iad dha gun dail mu deidhinn. --
|
31 |
Agus thainig e, `sa breith air laimh oirre thog e i is ghrad-dh` fhag am fiabhras i, agus fhreasdail i dhaibh. --
|
32 |
`S nuair thainig am feasgar, `sa chaidh a ghrian fodha, thug iad ga ionnsuidh iadsan uile a bha easlainteach, agus anns an robh deomhain. --
|
33 |
`S bha am baile uile air cruinneachadh aig an dorus. --
|
34 |
Agus leighis e moran, a bha air an leireadh le iomadh gne ghalar, agus thilg e mach moran dheomhan, `s cha do leig e leo labhairt, a chionn `s gum b` aithne dhaibh e. --
|
35 |
`S ag eirigh ro-mhoch, `sa dol a mach, chaidh e gu aite fas; is rinn e urnaigh an sin. --
|
36 |
Agus lean Simon e, agus iadsan a bha comhla ris. --
|
37 |
`S nuair a fhuair iad e, thuirt iad ris: Tha iad uile gad shireadh. --
|
38 |
Is thuirt e riutha: rachamaid dha na bailtean sa choimhearsnachd, gus an searmonaich mi an sin cuideachd: `s gur ann air son so a thainig mi. --
|
39 |
`S bha e teagasg `nan sinagogan, `s feadh Ghalile uile, `sa tilgeadh a-mach dheomhan. --
|
40 |
Agus thainig lobhar ga ionnsuidh, a guidhe air; `sa tuiteam air a ghluinean,thuirt e ris: Ma `s aill leat, is urrainn dhut mo ghlanadh. --
|
41 |
`Sa gabhail truais ris, shin Iosa a lamh, `sa beantuinn dha, thuirt e ris : Is aill leam: bi glan. --
|
42 |
`S nuair thuirt e so, ghrad-dh` fhag an luibhre e, agus bha e air a ghlanadh. --
|
43 |
`S thug e sparradh cruaidh dha, agus leig e air falbh e gun dail; --
|
44 |
`S thuirt e ris: Fiach nach innis thu do neach sam bith : ach falbh, fiach thu fhein don ard-shagart, agus tairg air son do ghlanaidh na nithean a dh` orduich Maois, mar theisteanas dhaibh. --
|
45 |
Ach air dhasan a dhol a mach, thoisich e ri innse, `s ri sgaoileadh an sgeoil; air chor `s nach b` urrainn dha a nis a dhol a stigh don bhaile gu follaiseach, ach dh` fhuirich e a mach ann an aiteachan fas, agus chrunnaich iad as gach aite ga ionnsuidh. --
|